Ar Dìleab – Mu ar deidhinnn
Fiosrachadh mun phròiseact
Tha am pròiseact Ar Dìleab na co-bhanntachas ùr eadar
Roinn Foghlam agus Seirbheisean Chloinne Chomhairle nan Eilean Siar
agus buidhnean saor-thoileach a tha a' rannsachadh, a' clàradh agus
a' foillseachadh eachdraidh ionadail, dualchas agus cultar.
Tha an iomairt saor-thoileach air a stiùireadh le Urras
Leabhraichean nan Eilean aig a bheil mar amas fiosrachadh a
leudachadh mu eachdraidh eileanan Alba an co-theacs ri eachdraidh
Ceilteach agus Lochlannach. 'S iad na prìomh bhuidhnean eile
a tha cur ris an iomairt, Tasglann Aonghais MhicLeòid agus
Hebridean Connections.
Tha na goireasan foghlaim seo airson sgoilearan anns an
àrdsgoil.
Sgioba Ar Dìleab
Anne NicLeòid, Tristan ap Rheinallt, Coinneach Mac a’ Ghobhainn, Anndra Dunn
Màrtainn MacLeòid, Ailig MacMhathain, Morag NicDhòmhnaill agus Alison NicIlleDhuinn.
Aonad Ioma-mheadhan
Tha an t-Aonad Ioma-mheadhan stèidhichte ann an Roinn Foghlam
agus Seirbheisean Chloinne Chomhairle nan Eilean Siar. Tha
iad a' cruthachadh goireasan foghlaim do sgoilearan ann am foghlam
tro mheadhan na Gàidhlig.