Calum MacÌomhair

Sgeulachd mu Chalum MacChoinnich, Calum ‘Mac an Leòdhasach’. ’S e Siarach a bha ann an Calum o thùs agus abair gun do dh’adhbharaich e trioblaid ann an Ceann an Deas nan Loch nuair a bha e a’ fuireach ann an sin!

 

Loch Àirigh na h-Aon Oidhche

Sgeulachd a tha fhathast ann am beul aithris na sgìre mu dà phiuthar a tha a-muigh aig àirigh nuair a tha iad a’ coinneachadh ri seann chailleach. Ach chan e cailleach àbhaisteach a tha seo idir!

 
 

Stuigeadh Cù dubh Mhic a Phì

Sgeulachd mu shealgair a bha uair a’ fuireach ann an sgìre na Pàirce. Bha cù aige ach cha b’ e a h-uile rud a dhèanadh e.

 
 

An Gille Ruadh

Tha an sgeulachd seo a’ tòiseachadh ann an 1460 air Eilean Phabaigh ann an Ùig, Leòdhas. Tha e a’ leantainn eachdraidh beatha teaghlach MhicAmhlaigh agus tha an sgeulachd a’ ruith thairis iomadach bliadhna.

 
 

Lorgaidh Gaol Innleachd

Sgeulachd mu Chiorstaidh NicAsgaill à Grabhair a tha airson Alastair ‘Louis’ Macleòid à Marabhaig a phòsadh. Chan eil a’ chùis idir furasta dhaibh ge-tà.

 
 

Coinneach Bàn Maccoinnich

Tha an sgeulachd seo mu fhear-taca a bh’ ann an Lacasaidh air na Lochan mu 1719, Coinneach ‘Ban’ MacChoinnich. Is ann aige a bha a’ chiad muileann air na Lochan.

 
 

Pòsadh Matilda agus Tormod Og

An sgeulachd inntinneach mun dòigh as an do phòs Matilda NicLeòid agus Tormod ‘Òg’ MacCoinnich à Ceann a Deas nan Loch, Eilean Leòdhais. ‘S e sgeulachd fìor a tha seo agus thàinig e a cruinneachadh Aonghas ‘Ease’ MacLeòid.

 
 

Mairead ni’ Dhonnchaidh

Tha an sgeulachd seo stèidhichte ann am Baile Chromòir ann an Sgìre na Pàirce. Bha fear uair a fuireach sa bhaile air an robh Donnchadh agus bha nighean bhrèagha aige, Mairead.