Òrain mu eilthireachd
Mar as trice 's e cianalas a' phrìomh fhaireachdainn a tha a' tighinn am bàrr ann an òrain mu dheidhinn eilthireachd. Chaidh cuid de na h-òrain seo a dhèanamh leis na h-eilthirich fhèin agus cuid eile leis na càirdean a dh’ fhàg iad as an dèidh.